''Tuilleadh margaidheachd gus turasachd a bhrosnachadh''

  • Air fhoillseachadh
Barraigh

Dh' iarraidh a' bhuidheann leasachaidh, Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean, gum biodh tuilleadh margaidheachd air a dhèanamh airson turasachd anns na h-Eileanan an Iar a bhrosnachadh.

Thug a' bhuidheann airgead do Bhuidheann Turasachd Innse Gall airson àrd-oifigear fhastadh airson an obair a ghabhail os làimh.

Thuirt Raghnaid NicCoinnich bho Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean gum b'urrainn do thurasachd barrachd feum a dhèanamh dhan eaconomaidh ionadail, ged a bha e mar-tha gu math cudromach.

Thuirt i gu robh luach £64m ann an gnìomhachas na turasachd dha na h-Eileanan an Iar ann an 2017.

Dh'inns i gun b'àbhaist gu robh VisitScotland a' dèanamh na h-obrach, ach gun do sgur iad o chionn dhà neo thrì bhliadhnaichean.

Chuir i ris an-sin agus i ag ràdh gu bheil tòrr a bharrachd luchd-turais anns na h-Eileanan am bliadhna, gu h-àraidh ann am Barraigh agus anns na Hearadh, agus gu bheil iad airson barrachd a dhèanamh fhad's a tha iad ann.