Friseal os cionn County

  • Air fhoillseachadh
Marcus FrisealTùs an deilbh, SNS Group
Fo-thiotal an deilbh,
Bha Friseal na chluicheadair dhaibh ann an 2016 nuair a bhuannaich iad Cupa na Lìge.

Dh'inns Ross Country gur e Marcus Friseal a bhios na sgiobair aca air an ath-sheusan.

Tha an naidheachd a' tighinn agus Andrew Davies, a bha na sgiobair air a' chluba, a' fàgail Inbhir Pheofharain.

Tha co-dhiù seachdnar chluicheadairean ùra aig a' chluba agus iad ag amas air faighinn air ais dhan Phrìomh Lìog.

Chaidh County sìos dhan Championship aig deireadh an t-seusain.

Thuirt iad gun do dh'aontaich iad an cùmhnant aig an t-seann sgiobair a thoirt gu ceann air sgàth "adhbharan pearsanta is teaghlaich agus am miann a bh' aige tilleadh a Shasainn."

Bha Davies os cionn na sgioba nuair a bhuannaich iag Cupa na Lìge ann an 2016.

Tha e air ainm a chur ri cùmhnant còmhla ri Hartlepool United a tha san Lìog Nàiseanta.