Màthair a' toirt Thomas Cook gu lagh

Janet and rose

Tha màthair, a tha a' cumail a-mach gun deach an nighean bheag aice, aois 5, a thoirt am bruid, à cluba làithean-saora do chloinn anns an Tuirc, a' toirt na companaidh siubhail Thomas Cook gu lagh.

Thuirt Janet Alexander, 46, à Inbhir Nis, gun tug srainnsear an nighean aice, Rose, air falbh às a' chluba aig taigh-òsta Royal Wings ann an Antalya.

Thuirt a' Bh-Ua. Alexander gun deach Rose a lorg còmhla ri boireannach a' coiseachd faisg air prìomh rathad faisg air an taigh-òsta.

Thuirt Thomas Cook gun robh iad a' rannsachadh na cùise.

Thuirt a' Bh-Ua. Alexander gun robh iad air làithean-saora teaghlaich aig àm na Càisge còmhla ri Rose agus a piuthar Lois nuair a thachair seo.

Thuirt i gun do dh'fhàg ise Rose aig a' chluba cloinne gus am faigheadh i air Lois a thoirt gu leasan dàibhidh.

Ach nuair a thill iad an ceann uair de thìde, cha robh sgeul air an nighinn.

Eagal

Thuirt i gun robh i troimhe chèile dhà-rìribh agus gun robh eagal a beatha oirre.

Chaidh Rose a lorg mu 20 mionaid an dèidh sin còmhla ris a' choigreach, air an robh hijab.

Thug aoigh air ais chun an taighe-òsta an dithis, ach cha deach am boireannach a chur ann an grèim, agus dh'fhàlbh i an uairsin.

Tha a' Bh-Ua. Alexander a' fàgail air Thomas Cook nach do rinn iad rud sam bith airson a cuideachadh an dà chuid aig àm an tachairtais agus bhon uairsin.

Thuirt Thomas Cook gun robh iad a' dèanamh sgrùdaidh air na thachair agus gun robh tuigse aca air cho uabhasach 's a bhiodh i air a bhith a' faireachdainn.

Thuirt a' chompanaidh gun robh sgioba air fios a chur air a' Bh-Ua. Alexander airson taic a thabhainn dhi.

Chaidh taigh-òsta Royal Wings às àicheadh gun deach an nighean a ghoid air falbh agus thuirt iad gun robh an cluba cloinne sàbhailte agus tèarainte.