Iasgairean a' cur fàilte air casg chliabh

Clèibh

Tha a-nis casg ga chur an sàs air na dh'fhaodas bàtaichean a chleachdadh de chlèibh airson giomaich, crùbagan agus mùsgain-chaola a ghlacadh.

Tha ceannardan iasgaich a' cur fàilte air a' chasg.

Chuir Riaghaltas na h-Alba an sgeama an sàs anns na h-Eileanan an Iar, am Muile agus air taobh sear na h-Alba airson deuchainnean dà bhliadhna.

Thèid co-dhùnadh an uairsin an tèid a leudachadh gu Alba gu lèir.

"Airson a' chiad turas ann an Alba thathar a' faighinn air àireamh a chur air an àireimh chliabh a bhios ceadaichte dha bàtaichean a chleachdadh," thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

"Tha sinne air a bhith a' faicinn gu bheil seo air a bhith a' tachairt ann am pàirtean de Shasainn agus shìos ann an Caolas Shasainn, anns na h-eileanan shìos an sin.

"Agus far a bheil e air a bhith a' dol, tha e air adhartas mòr a thoirt air an stoc, agus tha sinne air a bhith ag iarraidh seo bho chionn timcheall air 20 bliadhna.

"Thathar a' faicinn gu bheil barrachd is barrachd chliabh a' dol a-mach, agus nas lugha ga ghlacadh mu choinneimh a h-uile clèibh.

"Agus tha sin a' sealltainn dhuinne gu bheil an stoc a' fàs nas miosa na bha bho chionn 20 bliadhna.

"Feumar rudeigin a dhèanamh, airson chaidh casg a chur air iasgach an sgadain, agus an uair sin air an iasg gheal, cheangail iad bàtaichean an-àirde airson dèidh là às dèidh a chèile.

"Agus tha sinn an dòchas leis an cothrom fhaighinn seo a dhèanamh, gun cuir sinn an t-iasgach a tha seo air dòigh a bhios maireannach," thuirt e.