Tubaist air an A9 a dhùnadh

Baile Inbhir Pheofharain
Image caption Tha rathaidean air feadh Taobh Sear Rois tachdte, baile Inbhir Pheofharain nam measg.

Tha na seirbheisean èiginneach an làthair aig tubaist san robh trì charbadan an sàs air an A9 air taobh sear Rois.

Thachair an tubaist aig Fòghlais, beagan deas air ceann-rathaid Bhaile Eoghainn, mu 12:00f.

Tha an A9 dùinte gach taobh aig an làraich.

Aig an ìre seo, chan deach innse co-dhiu an deach duine a ghoirteachadh.

Chaidh seach-shlighean a chur an àite, ach chaidh bhana-campachaidh dhan chlais agus tha maill air an trafaig.

Tha na rathaidean air feadh na sgìre tachdte, baile Inbhir Pheofharain nam measg.