Cloimh gu clò

'Port-na-Skye Tweeds'
Image caption Cheannaich buill den Teaghlach Rìoghail an clò a chaidh a dhèanamh san sgìre, 'Port-na-Skye' uaireigineach anns na 1930an.

Tha taisbeanadh ann am Minginis san Eilean Sgitheanach an-dràsta air a bheil 'Lamb to Loom' le tachartasan aig talla coimhearsnachd na sgìre stèidhichte air mar a tha cloimh a' dol gu clò.

Bha croitearachd agus an clò gu mòr aig cridhe na coimhearsnachd.

Aig toiseach an 20mh Linn, thàinig tòrr dhaoine à Leòdhas agus as na Hearadh a dh'fhuireach ann an sgìre Thalasgair mar eisimpleir.

Dh'fhàg iad sgìre an àraich agus an òige agus iad a' sireadh beatha nas fheàrr air croit ann an ceann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich.

Tha iad ag ràdh gun tàinig còrr 's 400 dhiubh a dh'fhuireach ann am Port nan Long agus tha a' bhuil ann fhathast.

Rinn iad am beò-shlàint' às an talamh, na beathaichean agus às a' chlò fhèin.

Image caption Thèid seann uidheamachd a shealltainn cuideachd - beart nam measg.

Port-na-Skye

Aig àirde, tha daoine a ràdh gun do cheannaich buill den Teaghlach Rìoghail an clò a chaidh a dhèanamh san sgìre, 'Port-na-Skye' uaireigineach anns na 1930an.

Bha Diùc agus Bana-Dhiùc York a' tadhal air an àite ann an 1933.

Tha dealbh den Diùc fhèin air cùl cuibhle snìomha ri fhaicinn san taisbeanadh.

Chaidh an clò a reic ri daoine a thàinig dhan sgìre air bàta neo ann an càr.

Thèid sgeulachd beatha muinntir an àite innse san taisbeanadh tro sgrìobhaidhean, dealbhan agus seann uidheamachd.

Image caption Tha sgrìobhaidhean agus dealbhan mar phàirt den taisbeanadh cuideachd.

Airgead

Fhuair Comann Talla Coimhearsnachd Mhinginis taic-airgid airson an taisbeanadh o chionn còig bliadhna, ach tha iad a' faicinn a-niste an seas e às aonais taic-airgid.

Dh'innis oifigear leasachaidh na talla, Henrik Micski, gu bheil iad a' feuchainn ri airgead a chruinneachadh am-bliadhna gus leudachadh agus leasachadh a dhèanamh air an togalach fhèin.

Tha an taisbeanadh ann an talla coimhearsnachd na sgìre fad na seachdain seo.

Thig e gu crìch le cèilidh mhòr oidhche Shathairne.