Àrdachadh dreuchd dha Ceit Fhoirbheis

Ceit Fhoirbheis
Image caption 'S i Ceit Fhoirbheis Ministear an Ionmhais Phoblaich agus Eaconomaidh Dhigitich.

Tha Ball-Pàrlamaid Albannach bhon Ghàidhealtachd a' faighinn dreuchd anns an Riaghaltas.

Tha Ceit Fhoirbheis, a tha a' riochdachadh an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair agus Bhàideanach, am measg an naoinear fo-mhinistearan a chaidh ainmeachadh nan dreuchdan ùra Diciadain.

'S i Ministear an Ionmhais Phoblaich agus na h-Eaconomaidh Didseataich.

Chaidh seachdnar dhiubh gu Holyrood as dèidh an taghaidh ann an 2016.

Thug am Prìomh Mhinistear crathadh air a' chaibineat aice Dimàirt.

Chan eil BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, mar Mhinistear na Roinn Eòrpa agus Obair Leasachaidh Eadar-Nàiseanta tuilleadh.

Tha ministear ùr ann airson nan Eileanan cuideachd.

Bidh an dleastanas sin air Pòl Wheelhouse, a bha roimhe na Rùnaire airson Gnìomhachas agus Cumhachd.

Thèid bhòt a chumail air a' chùis sa Phàrlamaid Diardaoin.