Ceistean mòra mu dhùnadh Uàrd a' Chliseim

Ospadal nan Eilean

Tha ceistean mòra air nochdadh mu phlana Bhòrd Slàinte nan Eilean Siar Uàrd a' Chliseim ann an Ospadal nan Eilean ann an Steòrnabhagh a dhùnadh.

Bha iad am beachd a dhùnadh aig deireadh an t-Samhraidh - airson cùram slàinte inntinn a chur a-mach dhan choimhearsnachd.

Ach tha an àireamh euslainteach san uàrd air èirigh a-rithist, agus ceist ann an dèan iad a' chùis às aonais.

Bho chionn bliadhna a-nis, tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar air a bhith ag obair air plana 'son euslaintich slàinte inntinn a ghluasad a-mach às an ospadal, agus a-steach dha na coimhearsnachdan.

Tha seo a' gabhail a-steach Uàrd a' Chliseim a dhùnadh, agus aonad an APU ann.

Chuireadh iad barrachd nursaichean agus dhotairean a-mach dha na coimhearsnachdan cuideachd.

Ach chuala coinneamh den bhòrd-shlàinte Diciadain sreath de ghearainean, uallachaidhean agus teagamhan mu phlana a' bhùird.

Bha cuid dhiubh gu math làidir.

Tha mòran a' togail na ceiste am bi iad gu bràth ann an suidheachadh faighinn cuidhteas leithid Uàrd a' Chliseim.

Bhà dùil gum biodh an uàrd dùinte aig deireadh an t-Samhraidh, ach tha àireamh nan euslainteach air èirigh a-rithist, agus tha stiùirichean a-nis ag ràdh gum bi co-dhiù deireadh na bliadhna ann mus dùin e.

Tha cuid eile a' ceasnachadh an tachair e idir - gu h-àraid ann an sgìre far a bheil gainnead luchd-obrach ann, agus mòran de mhuinntir an àite suas ann am bliadhnaichean.