Deasbad mu chìsean parcaidh

Buinn airgid Image copyright Getty Images

Thèid cìsean parcaidh a dheasbad aig làn-choinneimh de Chomhairle na Gàidhealtachd Diardaoin agus moladh ann gum bu chòir dleastanas air an son a chur an làmhan nan comataidhean ionadail.

Bhiodh amasan aca airson na thogadh iad de dh'airgead, agus bhiodh cothrom aca càil a bharrachd air sin a chumail airson pròiseactan ionadail.

Mura biodh iad air chomas an targaid a ruighinn, bhiodh dùil gum biodh an t-airgead air a thogail ann an dòigh eile.

Nuair a thàinig moladh bho Chomhairle na Gàidhealtachd gum bu chòir siostam chìsean airson parcadh a leudachadh air feadh na Gàidhealtachd seach ann am beagan bhailtean, chuir cuid de sgìrean na aghaidh, 's iad ag ràdh gum biodh dhroch bhuaidh air na bùithdean is gnìomhachasan anns na sgìrean acasan, agus daoine dualtach na bailtean a sheachnadh mura robh parcadh an asgaidh.

An aghaidh sin thog cuid nach robh e cothromach a' bhith a' cumail a' sùileachadh gum biodh Inbhir Nis, Inbhir Narann, an Aghaidh Mhòr agus an Gearasdan a-mhàin a' togail chìsean parcaidh airson buidseatan a' chòrr den Ghàidhealatchd a chuideachadh.

Tha moladh mu choinneimh na Comhairle a-niste gum bu chòir dha a bhith an eisimeil chomataidhean ionadail targaidean a choileanadh airson airgead a thogail bho raointean parcaidh, ach mura robh comataidh airson sin a dhèanamh gum feumte sin a choileanadh ann an dòigh eile tro na buidseatan ionadail aca.