Sgoil-àraich Gàidhlig a' fosgladh an Dùn Omhain

Stuth-sgoile

Tha deagh naidheachd ann do dh'fhoghlam Ghàidhlig ann an Dùn Omhain agus ionad sgoil-àraich aig Bun-Sgoil Thaigh a' Chladaich deiseil airson na ciad sgoilearan a ghabhail san Lùnastal.

Cha robh ann gu ruige seo ach cluba Gàidhlig aig ìre fo-sgoile trì là san t-seachdain.

Agus tha an t-ionad ùr làn mar thà.

"Tha sinn air a bhith gu math fortannach ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd leis an taic-mhaoineachaidh a fhuair sinn bhon Riaghaltas," thuirt Catriona Garvin, an t-Oifigear Foghlaim Ghàidhlig aig Comhairle Earra-Ghàidheal 's Bhòid.

"Agus leis an airgead a fhuair sinn thog sinn sgoil-àraich ann am Bun-Sgoil Thaigh a' Chladaich, 's tha sgoil-àraich ann a-niste, agus na trì chlasaichean sa bhun-sgoil.

"Bha dithis tidsearan ann, 's fhuair sinn tidsear eile, so tha triùir gu bhith againn airson clas tràth-ìre a dhèanamh.

"Bidh a' chlann san sgoil-àraich agus P1 ann còmhla, le tidsear agus neach-taic tràth-bhliadhnaichean cuideachd ann an aon àite.

"Agus tha an t-àite mòr gu leòr airson 24.

"Agus mar thà tha gach àite air a lìonadh. Tha sinn làn.

"Nam bheachd-sa, 's e rud fìor mhath a th' ann, gu h-àraid ann an Dùn Omhain, oir 's dòcha nach robh na h-àireamhan againn cho fallain, ach a-niste tha barrachd ùidhe ann," thuirt i.