Stiùireadh ionadail airson cìsean parcaidh

Buinn airgid Image copyright Getty Images

Dh'aontaich Comhairle na Gàidhealtachd a dhol air adhart le plana airson cìsean parcaidh ann an grunn bhailtean san sgìre a chur ann an làmhan nan comataidhean ionadail.

Ghabh comhairlichean ris a' phlana Diardaoin, a bhios a' ciallachadh gum bi cothrom airgead a bharrachd a thèid a thogail le cìsean parcaidh a chumail anns an sgìre, airson a chosg an sin.

Ach mura bi na targaidean airson airgead a thrusadh air an coileanadh, bidh aig na comataidhean ionadail ris an airgead a ghabhail bho bhuidseatan ionadail eile.

Nuair a thàinig moladh bho Chomhairle na Gàidhealtachd gum bu chòir siostam chìsean airson parcadh a leudachadh air feadh na Gàidhealtachd seach ann am beagan bhailtean, chuir cuid de sgìrean na aghaidh, 's iad ag ràdh gum biodh dhroch bhuaidh air na bùithdean is gnìomhachasan anns na sgìrean acasan, agus daoine dualtach na bailtean a sheachnadh mura robh parcadh an asgaidh.

An aghaidh sin thog cuid nach robh e cothromach a bhith a' cumail a' sùileachadh gum biodh Inbhir Nis, Inbhir Narann, an Aghaidh Mhòr agus an Gearasdan a-mhàin a' togail chìsean parcaidh airson buidseatan a' chòrr den Ghàidhealatchd a chuideachadh.