Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

29 An t-Ogmhìos 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt àrd-bharganaiche an Aonaidh Eòrpaich air Brexit, Michel Barnier, gun deach beagan adhartais a dhèanamh anns na còmhraidhean mu Bhreatainn a bhith a' fàgail an EU. Ach thuirt Mgr Barnier, ron dàrna là de dh'àrd-choinneimh cheannardan an EU anns a' Bhruiseil, gu bheil gu bheil duilgheadasan mòra ann fhathast mu chrìoch na h-Èireann, agus gun robh e an urra ri Lunnainn slighe air adhart a mholadh.

In-imreachas

Ràinig ceannardan an EU aonta air in-imreachas an dèidh coinneimh fhada sa Bhruiseil an-raoir. Chaidh aontachadh ionadan a stèidheachadh ann an dùthchannan anns an EU far an tèid dearbhadh cò a rinn, air neo nach do rinn in-imrich laghail. Bidh sgeama ann cuideachd far an toir dùthchannan gu saor-thoileach àite do luchd-siridh comraich a tha dha-rìribh ann an èiginn. Chan eil an t-aonta ag ràdh ge-tà, dè na dùthchannan anns an tèid na h-ionadan sin a stèidheachadh.

Fìobha

Tha 300 cosnadh ann an cunnart ann am Fìobha agus a' chompanaidh Havelock Europa ag ullachadh airson a dhol gu rianachd. Tha a' chompanaidh a tha stèidhichte ann an Cathair Challdainn, a' dèanamh agus a' cur àirneis ann am bùthainnean, taighean-sèinnse, agus togalaichean poblach. Tha iad ag ràdh gu bheil cho doirbh 's a tha a' mhargaidh do bhùthainnean an-dràsta a' toirt buaidh orrasan cuideachd.

Windrush

Dh'iarr Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte air dithis de ghinealach Windrush an leisgeul a ghabhail airson an cur an grèim gu mì-laghail ged a tha cead aca fuireach ann am Breatainn. Thuirt Co-Chomataidh nan Còirichean Daonna gur e cùis nàire a th' anns an dòigh anns an deach dèiligeadh ris an dithis. Thuirt cathraiche na comataidh sin, an Làbarach Harriet Harman, gum feumar tuilleadh dìon a chur air daoine a bhuineas dhan ghinealach sin.

Maryland

Tha poilis anns na Stàitean Aonaichte den bheachd gur e dìoghaltas a bha fa-near dhan duine a mharbh còignear nuair a loisg e orra le gunna aig oifisean pàipeir-naidheachd ann am Maryland. Ghèill an duine sin, Jarrod Ramos, ris na poilis. Tha e coltach gu bheil eachdraidh de bhuaireadh agus àimhreit eadar e fhèin agus am pàipear-naidheachd.

RET

Dh'fhailich air Riaghaltas na h-Alba tighinn air a' cheann-là a chuir iad romhpa - a-màireach - airson faraidhean RET air seirbheisean aiseig Arcaibh is Shealtainn gu lèir. Thig 20% far faraidhean Shealtainn, ach cha tig dad far na prìse air seirbheisean Arcaibh. Thuirt Rùnaire ùr na Còmhdhail, Mìcheal MacMhathain, gur e riaghailtean taic-stàite as coireach, agus gun do dh'fhailich e orra aonta a dhèanamh leis na companaidhean aiseig uile.