Corp air a lorg air Beinn Nibheis

Beinn Nibheis Image copyright Sgioba Teasairginn Beinne Loch Abair

Dh'innis Sgioba Teasairginn Beinne Loch Abair gun d'fhuair iad lorg air corp fireannaich air Beinn Nibheis.

Fhuaireadh an corp ann an Gil na h-Amharc-lainn Disathairne.

Cha deach aithne oifigeil a dhèanamh air a' chorp fhathast, ach chaidh fios a chur air teaghlach Marcin Bialas, 36.

Thuit Mgr Bialas faisg air mullach na beinne san Fhaoilleach.

Thèid aithisg a chur gu Neach-casaid a' Chrùin.