Iomairt gus Abaid Chaluim Chille a chàradh

  • Air fhoillseachadh
Abaid Chaluim ChilleTùs an deilbh, Ray Jones / Geograph

Tha Coimhearsnachd Eilein Ì air iomairt a chur air dòigh feuch crìoch a chur air obair air Abaid Chaluim Chille.

'S ann bho Eilean Ì a sgap Crìostaidheachd ann an Alba agus bidh mòran a' tadhal air an eilean gach bliadhna.

Cha robh anns an abaid ach tobhta nuair a thòisich obair tràth san 20mh linn gus a thoirt air ais gu ìre.

Tha Coimhearsnachd Eilein Ì ag ràdh ge-tà, gu bheil na tha a' tadhal orra air uallach mòr a chur air na h-àiteachan fuirich gu sònraichte.

Leasachadh

Thuirt iad, ma 's e is gun lean cùisean mar a tha iad, nach bi na h-àiteachan fuirich freagarrach tuilleadh ann an seachd bliadhna eile.

Tha iad air cur rompha £500,000 a thogail ro dheireadh na bliadhna gus leasachadh a dhèanamh orra.

Tha a' bhuidheann mar-thà air £3m a thogail.

Dh'innis iad gun cuireadh an cnap-airgid ùr seo crìoch air an obair-leasachaidh aca air Abaid Chaluim Chille.

Ceanglaichean Eadar-lìn Dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh