Sgeama taice do luchd-teasairginn

Beinn Nibheis Image copyright Thinkstock

Gheibh sgiobaidhean teasairginn nam beann taic shònraichte is Poileas Alba gus leudachadh a thoirt air sgeama a th' aca.

'S e sgeama a tha seo a tha a' toirt taic do dh'oifigearan poilis a tha air dèiligeadh ri suidheachaidhean dòrainneach.

Tha an t-seirbheis ri faighinn do dh'oifigearan àm sam bith.

Dh'aontaich Poileas Alba a leudachadh gu sgiobaidhean teasairginn nam beann.

Bidh seo air a mhaoineachadh le Poileas Alba is thathas a' smaointinn gum faigh mu 1,000 duine cothrom air.

Thuirt Leas-Àrd-Chonstabal Poileas Alba, Nelson Telfer, gu bheil seo a' sealltainn na spèise mòire a th' aca airson obair sgiobaidhean teasairginn nam beann, is cho taingeil 's a tha na Poilis airson na taice a tha iad a' faighinn bho luchd-teasairginn.