Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

2 An t-Iuchar 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Tha fear de mhinistearan an Riaghaltais a' fàgail air Jacob Rees-Mogg gu bheil e ri burraidheachd air Theresa May. Bha ministear Oifis nan Dùthchannan Cèine, Sir Alan Duncan, a' freagairt artaigil a sgrìobh Mgr Rees-Mogg, fear de phrìomh luchd-taic Bhrexit, anns an Daily Telegraph an-diugh, anns an tuirt e gum bi ar-a-mach ann an aghaidh a' Phrìomhaire mura toir i seachad an seòrsa Bhrexit a gheall i. Thuirt Sràid Downing gun cruinnich ministearan aig Chequers Dihaoine a dheasbad plana ùr airson aonta cuspainn leis an EU.

Taraifean

Thuirt an t-Aonadh Eòrpach gun cuir iad cìsean malairt ùra air luach còrr air $300bn de stuth às na Stàitean Aonaichte ma 's e agus gun tèid an Ceann-Suidhe Trump air adhart le cìsean air càraichean às an EU. Tha an Coimisean Eòrpach, a tha os cionn malairt do dhùthchannan an EU, ag ràdh gun toireadh na cìsean sin buaidh air farsainneachd de stuth às na Stàitean Aonaichte.

An NHS

Tha Comataidh na Slàinte ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gu bheil làn-àm ann cur às do chultar dìomhaireachd anns an NHS. Tha aithisg bhon chomataidh an-diugh ag ràdh gum feum atharrachadh bunaiteach a bhith ann gus am bi barrachd follaiseachd ann nuair a thèid rudan ceàrr. Agus thuirt cathraiche na comataidh, Lewis Dòmhnallach, gum feumar sùil a thoirt cuideachd air cultar am measg mhanaidsearan an NHS.

Sgoil Ealain Ghlaschu

Tha dùil gun tèid tòiseachadh an-diugh a' leagail pàirt de na ballachan aig Sgoil Ealain Ghlaschu. Rinn teine bho chionn cola-deug milleadh mòr air an togalach, a bha ga chàradh an dèidh teine eile ann an 2014. Tha Comhairle Baile Ghlaschu ag ràdh gu bheil cunnart ann gun tuit an togalach.

Angela Merkel

Tha teagamh ann mu riaghaltas co-bhanntachd Angela Merkel anns a' Ghearmailt agus fear de na ministearan aice, Horst Seehofer, a' tabhann a dhreuchd fhàgail seach gabhail ri poileasaidh in-imreachais Ms Merkel. 'S e Mgr Seehofer ceannard pàrtaidh an CSU, 's chan eil e follaiseach an cuir iadsan ceannard ùr na àite, no an coisich iad air falbh bhon cho-bhanntachd.

Eilean Ì

Tha a' choimhearsnachd a tha a' ruith Abaid Eilein Ì a' dèanamh tagraidh phoblaich airson £500,000 a tha fhathast a dhìth orra airson crìoch a chur air leasachadh air na h-àiteachan còmhnaidh ann. Thog Coimhearsnachd Ì an abaid às ùr bho chionn 50 bliadhna, ach le còrr is 1,500 duine a' fuireach aca an sin a h-uile bliadhna, tha iad ag ràdh gu bheil na h-àiteachan còmhnaidh gu math feumach air càradh.

Alan Longmuir

Chaochail Alan Longmuir, fear den chòmhlan ciùil ainmeil na Bay City Rollers, an dèidh tinneis aithghearr. Bha e 70. Bha Mgr Longmuir anns an ospadal an dèidh dha tilleadh dhachaigh a dh'Alba à Meagsago, far an do dh'fhàs e tinn air saor-làithean an sin bho chionn trì seachdainnean. Bha na Bay City Rollers air còmhlan cho mòr 's a bh' ann anns na 70an.