Dìon ga iarraidh dha làrach na h-Iolaire

  • Air fhoillseachadh
Cladh

Nochd beachd gum bu chòir inbhe shònraichte a chur air an làraich far an deach an Iolaire fodha.

Thuirt BPA nan Eilean Siar, Alasdair Allan, gum biodh e iomchaidh an làrach a chomharrachadh le inbhe ionad-glèidhte mara eachdraidheil.

Chaidh an Iolaire fodha faisg air Steòrnabhagh madainn Là na Bliadhn' Ùire 1919 agus i a' tilleadh le seòladairean is saighdearan bhon Chogadh Mhòr.

Chaill 205 de na bha air bòrd am beatha.

"Thug call na h-Iolaire buaidh mhòr air coimhearsnachdan Leòdhais is na h-Hearadh", thuirt Alasdair Allan.

"Cha mhòr gun robh teaghlach anns an eilein nach do chaill duine san tubaist, agus tha na thachair an-diugh fhathast a' toirt buaidh air muinntir an àite.

"Mar as fhaisge a thig sinn air cuimhneachan nan ceud bliadhna, nam bheachdsa, tha e cudromach gu bheil an làrach air a comharrachadh mar uaigh-chogaidh mhara gus a dìon agus gus am bi cuimhne againn air seòladairean air bòrd na h-Iolaire a thug an cuid seirbheis seachad dhan dùthaich tro bhliadhnaichean a' Chogaidh Mhòir agus a chaill am beatha cho faisg air an dachaigh", thuirt e.

Tha cumhachd aig an MOD fo achd pàrliamaid bho 1986 inbhe mar seo a thoirt seachad.

Tha far an deach an Royal Oak is Vanguard fodha ann an Scapa Flow am measg àiteachan air a bheil an inbhe.