Rabhadh ùr mun Chùil

A' Chùil Image copyright Craig Allardyce

Tha buidheann de dh'eòlaichean eadar-nàiseanta ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba a dhol an sàs ann am planaichean airson raon-goilf a thogail an Cataibh.

Thug comhairlichean cead seachad air a' mhìos seo chaidh airson an leasachaidh aig a' Chùil, eadar Eurabol agus Loch Fleòid.

Bha sin a dh'aindeoin is gun robh sreath de bhuidhnean air cur an aghaidh nam planaichean is dragh orra mun bhuaidh air an àrainneachd.

Tha inbhe shònraichte SSSI air pìos den làraich.

Bha oifigich Comhairle na Gàidhealtachd fhèin air moladh do chomhairlichean cead a dhiùltadh dhan leasachadh.

Tha rabhadh ùr a-nis air tighinn bho Choimisean na Cruinne air Sgìrean Dìon.

Sgrios

Thuirt a' bhuidheann gun cuireadh an raon às do thalamh machrach tearc is gum biodh call uabhasach ann a thaobh bith-iomadachd.

Dh'iarr iad air Riaghaltas na h-Alba na planaichean a ghairm a-steach agus "dìon a chur air làraich a tha cho cudromach gu h-eadar-nàiseanta".

Thuirt Todd Warnock, fear den fheadhainn a tha air cùl an leasachaidh, gu bheil iad deiseil obair a thòiseachadh às dèidh dhaibh a dhol tron phròiseas dealbhachaidh.

Dh'innis Mgr Warnock gun d'fhuair an luchd-leasachaidh taic na mòr-chuid de dhaoine gu h-ionadail, a bharrachd air taic Comhairle na Gàidhealtachd.

Thuirt fear-labhairt bho Riaghaltas na h-Alba gum feum Comhairle na Gàidhealtachd innse dhaibh gu foirmeil mun cho-dhùnadh aca, is gum bi e an urra ri ministearan an uairsin a bheil iad airson an gnothach a ghairm a-steach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile