Cùisean teann an Cupa Eilein an Fhraoich

Nis FC

Tha cùisean teann às dèidh nan ciad gheamaichean san iar-chuairt dheireannaich de Chupa Eilein an Fhraoich.

Choinnich Nis is an Taobh Siar aig na Còig Peighinnean Diluain dìreach trì là às dèidh dhaibh cluich sa chuairt dheireannaich de Chupa Jock Stein.

'S iad Nis a bha air an geama sin a bhuannachadh 3-2.

Fhuair na Siaraich dìoghaltas air choireigin oidhche Luain.

'S e Màrtainn Sheilds a chuir an aon tadhal den gheama san dàrna leth às dèidh dha tighinn far na beingidh.

Làmh an uachdair aig an Taobh Siar is an dàrna geama gu bhith am Barbhas air an 16mh den mhìos.

Tadhail

Anns a' gheama eile Diluain, rinn na Lochan an gnothach 2-1 air a' Bhac.

'S iad Dàibhidh Skene is Gòrdan MacÌomhair a chuir na tadhail dha sgioba nan Loch.

Bidh na Bacaich ag amas air gnothaichean a thionndadh mun cuairt nuair a chuireas iad fàilte air na Lochan san dàrna geama.

'S ann air an 16mh den mhìos a bhios an geama sin cuideachd.

Ann an Lìog an Eilein Sgitheanaich oidhche Mhàirt, rinn Gleann Eilg a' chùis air Iar-Thuath an Eilein Sgitheanaich 4-3.