Àrd-Oifigeach NHS na Gàidhealtachd a' fàgail

Ospadal an Ràthaig Mhòir

Leigidh Àrd-Oifigear NHS na Gàidhealtachd dhith a dreuchd aig deireadh na bliadhna.

Tha an t-Oll. Elaine Mead a' seasamh sìos às dèidh seachd bliadhna.

Thòisich an t-Oll. Mead na beatha obrach mar radiographer còrr air 30 bliadhna air ais.

San Fhaoilleach 2011, chaidh a h-ainmeachadh mar Àrd-Oifigear a' Bhùird-Shlàinte.

Bhon uairsin, tha i air a bhith mar phàirt den oidhirp gus cùram slàinte agus sòisealta a thoirt còmhla air a' Ghàidhealtachd, agus i cuideachd air taic a thoirt do Bhòrd-Slàinte Earra-Ghàidheal is Bhòid gus an dearbh rud a dhèanmah an sin.

A' foillseachadh gu bheil i gu bhith a' leigeil dhith a dreuchd agus an NHS a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh a stèidheachadh, thuirt an t-Oll. Mead gu bheil e air a bhith na urram mhòr dhi a bhith a' cur seachad a beatha obrach gu lèir mar phàirt den bhuidhinn.

Thuirt Cathraiche a' Bhùird, Dàibhidh Alston, gu bheil i gu bhith na call mhòr dhan bhuidhinn, ach gu bheil i a' fàgail deagh dhìleib agus sgioba air leth làidir às a dèidh.