"Bunait làidir aig ICT" - Robasdan

Sgioba choidsidh Image copyright Caley Thistle

Thuirt manaidsear Chaley Thistle gu bheil bunait fìor mhath aig a' chluba a-nise às dèidh dhaibh sgioba choidsidh ùr a dhearbhadh.

Thàinig air Robasdan crathadh a thoirt air cùisean is Brian Rice air cothrom a ghabhail a ghluasad gu St Mirren far an obraich e còmhla ris a' mhanaidsear ùr acasan, Ailean Stubbs.

Tha ICT air Scott Kellacher a chur an àite Rice mar leas-mhanaidsear.

Bha Kellacher, a bhuineas dha Inbhir Nis, còmhla ri Celtic is ICT mar bhalach, ach bha e aithnichte mar chluicheadair ann an Lìog na Gàidhealtachd.

Tha e air a bhith a' coidseadh le Caley Thistle aig diofar ìrean fad iomadh bliadhna.

Cothrom

"Tha Scott airidh air a' chothrom seo is e air obair a dhèanamh an toiseach sa choimhearsnachd, aig ìre òigridh is na dàrna sgioba, is mar choidse dhan chiad sgioba", thuirt Robasdan.

"Tha e air obrachadh fo Terry Butcher, Iain Hughes is Richie Foran, is tha mi a' smaointinn gum feum Scott a dhol suas ìre eile.

"Tha sinn fìor thoilichte leis na sèiseanan a rinn e is an t-eòlas a th' aige. Tha urram aig na cluicheadairean dha is tha sinn den bheachd gur e an duine ceart 'son a dhol an àite Brian Rice", thuirt Robasdan.

Ghabh am manaidsear an cothrom dà atharrachadh eile a dhèanamh air an sgioba choidsidh, is luchd-taic gu math eòlach air an dithis choidsichean.

Bidh Ryan Esson a' leantainn air leis an obair aige leis na fir-ghlèidhidh, is bidh e cuideachd ag obair leis an sgioba fo aois 18.

Tuigse

Bidh Barry Wilson a' tilleadh gu Pàirce Chaledonian is e gu bhith ag obair eadar a' chiad sgioba is an sgioba fo aois 18.

Chluich Esson còrr is 150 geama do dh'ICT às dèidh dha tighinn bho Hereford ann an 2008.

Bha Wilson am measg nan gaisgeach a chuidich Inbhir Nis tro na lìogaichean sa chiad dol a-mach.

Thuirt Robasdan gu bheil e air a dhòigh leis an triùir is gu bheil "bunait làidir" a-nise ann.

Thuirt e cuideachd gu bheil a-nise eòlas is tuigse ann air na tha Caley Thistle ag iarraidh.

A bharrachd air seo, tha an cluba cuideachd air gaisgeach eile, Ross Tokely, a thoirt air ais mar choidse òigridh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile