Fàilte air pàipear iasgaich

Iasgach

Chuir ceannardan iasgaich fàilte air planaichean Riaghaltas Westminster airson iasgaich às dèidh Bhrexit.

Tha an Riaghaltas a' foillseachadh phàipeir ghil Diciadain air a' ghnìomhachas às dèidh 2020.

Thuirt iad "gun toir iad air ais smachd air na h-uisgeachan againn" nuair a dh'fhàgas an Rìoghachd Aonaichte Poileasaidh Coitcheann an Iasgaich.

Thuirt iad gu bheil an t-aonta a th' ann an-dràsta stèidhichte air pàtranan iasgaich bho na 70an, is nach eil e freagarrach do dh'iasgairean Bhreatainn.

Tha Rùnaire na h-Àrainneachd, Mìchael Gove, ag ràdh gun cum Breatainn barrachd den iasg aca fhèin, ged nach canadh e dè direach an cuibhreann a tha e a' sùileachadh.

Sgaradh

Bidh sgaradh ann, tha an Riaghaltas ag ràdh, eadar margaidhean airson iasg Bhreatainn a tha a' dol a-null thairis, is na còirichean a bhios aig iasgairean à dùthchannan eile air uisgeachan Bhreatainn.

Bha an EU air a ràdh roimhe gum bu chòir na gnothaichean sin a chur còmhla.

Tha an Riaghaltas cuideachd ag ràdh gum biodh an cumhachd aig an Rìoghachd Aonaichte na cuideaman-ceadaichte aca fhèin aontachadh.

"Seo an t-seòrsa toiseach-tòiseachaidh a bha sinne ag iarraidh anns na còmhraidhean seo", thuirt Rùnaire Chomann Iasgairean nan Eilean Siar, Donnchadh MacAonghais.

"Bhite a' coimhead nach biodh a h-uile bud smachd air an iasgach aig na bàtaichean a bhios an seo nuair a thèid co-dhùnaidhean a dhèanamh, ri linn tha feadhainn de na bàtaichean à Breatainn, bidh iad ag iarraidh gu uisgeachan dhùthchannan eile agus bidh feadhainn de bhàtaichean dhùthchannan eile ag iarraidh a-steach do dh'uisgeachan Bhreatainn.

Misneachd

"Bidh sin ag obair an dà dhòigh agus an lùib faighinn a-steach, bidh sinn a' coimhead gum bi cuideam-ceadaichte an lùib sin", thuirt e.

Chuir Àrd-Stiùiriche Chaidreachas Iasgairean na h-Alba, Bertie Armstrong, fàilte air a' phàipear cuideachd.

Thuirt Mgr Armstrong gu bheil e air a mhisneachadh, ach gum feum an Riaghaltas dèanamh cinnteach nach gèill iad ann an còmhraidhean ris an EU.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba nach deach co-chomhairle cheart a dhèanamh leotha mun phàipear seo, is gu bheil sreath de dhraghan orra mu dheidhinn.

Thuirt iad am measg eile nach eil mìneachadh idir ann air a' bhuaidh a bhiodh aig casg malairt air iasg às Alba a tha a' dol dhan mhargaidh eadar-nàiseanta.