Tagradh 'son fiosrachaidh mu thubaist

Poilis

Tha Poileas Alba air tagradh ùr a dhèanamh airson fiosrachaidh mu thubaist rathaid air a' Ghàidhealtachd air a' mhìos seo chaidh.

Bhàsaich Lachlan Brown, 21, à Cill Fhannaidh san Eilean Dubh, às dèidh na tubaist air an A835 faisg air Gairbh.

Thachair an tubaist mu 6.30f Didòmhnaich an 24mh den Ògmhìos.

Bhuail am Volkswagen Bora gorm aig Lachlan Brown ann am bhana Peugeot Boxer uaine is geal.

Thuirt na Poilis gun robh Mgr Brown a' siubhail chun iar aig an àm.

Volkswagen Scirocco

Tha iad airson bruidhinn ri duine sam bith a tha a' smaointinn gum faca iad an càr àige.

Tha iad cuideachd a' sireadh fiosrachaidh mu Volkswagen Scirocco geal.

Thuirt na Poilis gu bheil iad den bheachd gun robh an càr seo a' siubhail chun iar aig an dearbh àm.

Tha iad airson bruidhinn ri duine sam bith a chunnaic an càr seo.

Bu chòir duine sam bith le fiosrachadh fios a chur air Poileas Alba air 101 le àireamh NE4323/18.