Bliadhna na h-Òigridh aig Blas

Fidheall Image copyright Thinkstock

Buinidh urram don aois, a rèir an t-seann fhacail, ach sa bhliadhna shònraichte seo, tha e ga bhuileachadh air an òigridh cuideachd.

Tha Fèis Blas a' gabhail ri sin is iad a' cur làn-taic ri Bliadhna na h-Òigridh 2018.

'S e fìrinn na cùise nach e rud ùr sam bith a th' ann do luchd-ciùil òga a bhith a' nochdadh aig Blas.

Tha e mar phàirt de thraidisean na fèise seo, a tha air a bhith a' dol bho 2004, cothrom a thoirt dhan òigridh nochdadh air an àrd-ùrlar.

Òran ùr

Bidh am-bliadhna buileach sònraichte ge-tà.

A bharrachd air òigridh a bhith a' nochadh tron fhèis, bidh cuirm mhòr ann gus cùisean a thoirt gu ceann Disathairne an 15mh den t-Sultain.

Bidh seo ann am Pàirce Chruinnichidh a' Chinn a Tuath is còrr is 1,000 duine òg gus nochdadh còmhla ri còmhlain ainmeil a tha iad fhèin air taghadh.

Seinnidh iad òran ùr Gàidhlig a tha air a sgrìobhadh le Robbie MacLeòid à Glaschu.

Laoich

Bidh cuideachd gu leòr ainmean mòra a' nochdadh aig Blas.

Tha Julie Fowlis, Mischa Nic a' Phearsain, Brìghde Chaimbeul, Wolfstone, Breabach, Niteworks, is RURA, am measg cuid a chìthear air feadh na Gàidhealtachd.

Agus am measg na h-òigridh, bidh feadhainn eile a bha ann is a chunnaic.

Bidh cuirmean sònraichte aig Alasdair MacIllìosa is Dolina NicIllinnein - an dithis aca 80 am-bliadhna.

Cliù

Coltas sònraichte air na cuirmean sin san Eilean Sgitheanach is an Leòdhas.

Agus mar a tha iomchaidh ann am bliadhna a tha cho sònraichte do Runrig, cluichidh Trail West dà chonsairt gus comharrachadh 40 bliadhna bho nochd an clàr iomraiteach Play Gaelic.

Bidh Blas 2018 ann eadar an 7mh is 15mh den t-Sultain.

Gheibhear am fiosrachadh air fad an seo.

Duilleagan Eadar-lìn co-cheangailte

Chan eil uallach air a' BhBC son na tha air làraichean-lìn eile