£30m gus Seirbheis Slàinte Ghallaibh ùrachadh

Ospadal Dùn Bharra Image copyright J Thomas/Geograph
Image caption Tha bòrd na slàinte a' moladh gum biodh seirbheisean slàinte Inbhir Theòrsa stèidhichte aig Ospadal Dùn Bharra.

Dh'fhaodadh gun cosg e suas ri £30m airson seirbheisean slàinte Ghallaibh ùrachadh, ar èir Bhòrd Slàinte na Gàidhealtachd.

As t-Fhoghar seo chàidh, bha mu 3,000 duine a' togail fianais air na sràidean agus dragh orra gun tigeadh lùghdachadh air an t-seirbheis slàinte ann an Gallaibh.

Bha dragh gum biodh na bu lugha de leapannan anns an sgìre agus Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd a' dèanamh ath-sgrùdaidh air an t-seirbheis.

Ach an dèidh grunn choinneamhan san sgìre, tha bòrd na slàinte a-niste a' cur air adhart mholaidhean.

Molaidhean a' bhùird shlàinte

Tha iad airson 's gum bi seirbheisean ri fhaotainn air dà làraich seach a ceithir, mar a tha an-dràsta.

Am measg eile, tha iad a' moladh gum bi seirbheisean slàinte ri fhaotainn ann an sgìre Phulteney de dh' Inbhir Ùige.

'S ann aig Ospadal Dùn Bharra a bhiodh seirbheisean slàinte Inbhir Theòrsa stèidhichte.

Thuirt Iain MacIlleathain, a tha a' fuireach ann an Inbhir Theòrsa, gum bi muinntir an àite riaraichte gu leòr le molaidhean a' bhùird shlàinte, ma tha iad ann an da-rìribh a' toirt seachad nan seirbheisean a tha a dhìth air daoine.

Thuirt Mgr MacIlleathain gum feum am bòrd slàinte dèanamh cinnteach nach cuir iad às do sheirbheisean.

Dh'innis e gum bi an sluagh toilichte cùram fhaighinn am baideigineach eile san t-siorrachd, ach nach eil agus nach biodh iad airson a dhol gu Inbhir Nis.

Thèid iarraidh air comataidh slàinte na sgìre taic a chur ris na planaichean Diardaoin.

Ma thachras sin, thèid co-luadar poblach a dhèanamh orra.

Tuilleadh air an sgeulachd seo