Ionad Slàinte 's Saidheans do bhaile Inbhir Nis

Campas Inbhir Nis Image copyright Handout
Image caption Bhiodh an t-ionad stèidhichte aig làrach Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean.

Chaidh planaichean airson Ionad Slàinte is Saidheans fad-beatha aig Làrach Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean am baile Inbhir Nis fhoillseachadh.

Bhiodh ionad cùraim luach còrr 's £30m na chois, anns am biodh 28 leabaidh, ceithir seòmraichean lannsa agus àite airson euslaintich a tha feumach air cùram airson an là a-mhàin.

'S iad Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd a tha airson an t-ionad a thogail ann an 2021.

Tha Riaghaltas Westminster air £9m a chur a dh'ionnsaigh a' phròiseict tro Aonta Baile Inbhir Nis.

Dh'fhaodadh gun tèid 180 cosnadh a chruthachadh ri linn, agus bhiodh e fosgailte dhan a h-uile duine a tha a' fuireach air Ghàidhealtachd.