Togalaichean "grannda" gan ceannachd

Sràid na Drochaid Image copyright Google
Image caption Sgrìobh an t-ùghdar Aimeireaganach Bill Bryson gun robh blocaichean Sràid na Drochaide "sensationally ugly".

Tha Comhairle na Gàidhealtachd air togalaichean ann am meadhan Inbhir Nis, a th' air am meas grannda le mòran, a cheannachd.

Chaidh na blocaichean a thogail faisg air Abhainn Nis anns na 1950an agus 1960an.

Phàigh an ùghdarras ionadail £5.2m airson na togalaichean air Sràid na Drochaide.

Thug iad a-mach iasadan agus fhuair iad £1.5m bho Riaghaltas na h-Alba.

Co-chomhairleachadh

Tha dùil gun cum a' chomhairle co-chomhairleachadh air dè bu chòir tachairt dhan làraich.

Thuirt iad gum faodadh e deich bliadhna a thoirt an t-àite a leasachadh.

Tha mòran dhaoine air na togalaichean a chàineadh.

"Air leth grànnda"

Sgrìobh an t-ùghdar Aimeireaganach Bill Bryson, mar eisimpleir, gun robh iad "sensationally ugly".

B' àbhaist do dh'àrd-oifisean Bhòrd Leasachaidh na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Coimisean na Croitearachd a bhith annta.

Gabhaidh Comhairle na Gàidhealtachd an t-àite thairis mar phàirt de na planaichean airson Caisteal Inbhir Nis agus taigh-tasgaidh a' bhaile a leasachadh.