Ionnsaigh dhrabasta anns a' Ghearasdan

Tha na poilis a' sireadh fiosrachaidh às dèidh mar a dh'fhulaing boireannach ionnsaigh dhrabasta anns a' Ghearasdan.

Thachair an ionnsaigh eadar 01:00 agus 01:30 air an 17mh dhen Òg-mhios air a' Àrd Shràid faisg air an t-Sràid Mheadhanaich.

Tha oifigearan airson bruidhinn ri fireannach a tha timcheall air 20 bliadhna a dh'aois agus eadar 5tr 10or agus 6tr a dh'àirde.

Chaidh a ràdh gu bheil e tapaidh, le falt soillear donn le sgoiltean.

Thuirt na poilis gur e còmhradh Ghlaschu a bh' aige agus gun bhruidhinn e mu bhith ann an colaiste ann an Glaschu.

Bha lèine-t gheal air, seacaid no lèine Khaki agus briogais dhubh.

Bha uaireadair mòr dubh air cuideachd.

Tha dùil gun robh e còmhla ri dìthis na triùir fhireannach eile.

Thuirt an Det Insp Dòmhnall Dòmhnallach gun tug an ionnsaigh buaidh mhòr air a' bhoireannach agus gun d' fhuair i taic bho oifigearan sònraichte.

Tha na poilis ag iarraidh air duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fios a chur thuca.