Cobhair air snàmhadair sa Chuan Sgìth

MV Loch Seaforth
Image caption Chaidh an neach a thogail às a' mhuir le eathair-teasairginn a' bhàt-aiseig, an MV Loch Seaforth.

B' fheudar do neach a bha a' snàmh eadar Leòdhas agus Tìr-Mòr cobhair fhaighinn bho na seirbheisean èiginn tràth madainn Diluain.

Chaidh fios a chur air na seirbheisean èiginn agus an sgioba-taic air sgeul a chall air an neach, agus chuireadh bàta-teasargainn Steòrnabhaigh, heileacoptair nam Maor-Cladaich, agus am bàta-àiseig an Loch Seaforth dhan sgìre ga lorg.

Chunnaic sgioba an heileacoptair an neach, agus chaidh an togail às a' mhuir le eathair teasargainn bhon bhàta-aiseig.

Chaidh an neach an uairsin a thoirt gu tìr leis an heileacoptair, agus gu ospadal nan Eilean Siar.