Beinn Bhragaidh na smàl

Teine air Beinn Bhragaidh Image copyright Chris Cogan
Image caption Tha an teine air a bhith a' gabhail bho thràth madainn Disathairne.

Tha luchd-smàlaidh air a bhith a' strì ri teine anns a' mhonadh ann an Cataibh.

Tha dùil gu bheil an teine, air Beinn Bhragaidh faisg air Goillspidh, a' gabhail, agus luchd-smàlaidh air a bhith an làthair bho goirid às dèidh meadhan oidhche Haoine.

Às dèidh do dh'àirde na gaoithe atharrachadh, tha dùil gun toir ceò bhon teine buaidh air càilleachd an adhair ann an Goillspidh.

Chaidh iarraidh air daoine na h-uinneagan agus na dorsan aca a chumail dùinte, airson an ceo a chumail a-mach às na taighean aca.