Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

9 An t-Iuchar 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Brexit

Thuirt Daibhidh Davis gum fàgadh plana Theresa May 'son Brexit cus chumhachd aig a' Bhruiseil. Dh'fhàg Mgr Davis a dhreuchd an-raoir mar Rùnaire Bhrexit agus e ag ràdh gu bheil poileasaidh an Riaghaltais cunnartach, agus gu bheil dragh air nach bi Breatainn a' fàgail Aonadh na Cusbainn no a' Mhargaidh Shingilte. Thuirt Theresa May nach eil ise ag aontachdh ri beachd Mhgr Davis air a poileasaidh 'son Brexit. Thuirt na Làbaraich gu bheil an Riaghaltas a' tuiteam às a cheile agus nach eil ùghdarras air fhàgail aig a' Phrìomh Mhinistear.

Novichok

Thòisich rannsachadh muirt an dèidh bàs a' bhoireannaich a chaidh a thruailleadh leis a' phuinnsean Novichok ann an Wiltshire. Bha Dawn Sturgess agus a cèile, Charlie Rowley, san ospadal an dèidh dhaibh fàs tinn bho chionn còrr 's seachdain ann am baile Amesbury, mu dheich mìle à Salisbury, far an deach seann fhear-brathaidh Ruiseannach agus an nighean aige a phuinnseanachadh sa Mhàrt.

Thailand

Tha sgioba teasargainn a' dèanamh oidhirp eile an-dràsta air ochdnar bhalach agus coidse a' bhuill-choise aca a thoirt às an uamh ann an Thailand sa bheil iad air a bhith glacte bho chionn còrr 's cola-deug. Thug dàibhearan ceathrar de na gillean gu sàbhailteachd an-dè.

Cala an Òbain

Bidh coinneamh anns an Òban an ath-sheachdain eadar CMAL, dham buin bàtaichean agus goireasan cidhe 's cala Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn, agus luchd-gnothaich air a bheil dragh mu phlana 'son aon ùghdarras cala a bhiodh fo smachd CMAL. Tha na buidhnean Bid4Oban, Co-bhanntachd Turasachd an Òbain agus Latharna agus Port of Oban Welcomes ag ràdh nach deach co-chomhairle cheart a dhèanamh air a' phlana sin. Bidh a' choinneamh sin ann seachdain Diciadain agus tha dùil ri coinneimh phoblaich uaireigin an dèidh sin.

Teine

Tha mu 30 duine de luchd-smàlaidh a' strì ri teine air Beinn Bhragaidh faisg air Goillspidh. Tha an teine air pìos mòr den mhonadh a losgadh agus tha e air sgaoileadh cuideachd gu coille choimearsalta air a' bheinn.