Beinn Bhragaidh fhathast na smàl

Beinn Bhragaidh Image copyright Chris Cogan

Tha luchd-smàlaidh fhathast a' strì ris an teine air a' mhonadh faisg air Goillspidh Dimàirt.

Tha an teine air Beinn Bhragaidh air a bhith a' gabhail airson ceithir làithean a-nis.

A rèir Seirbheis Smàlaidh agus Teasairginn na h-Alba, thathas ag obair air grunn àiteachan gu h-àrd agus gu h-ìosal air a' bheinn, ann an oidhirp an teine a smàladh.

Shoirbhich leis na h-oidhirpean aca, ge-tà, stad a chur air an teine bho bhith a' sgaoileadh barrachd tro choilltean air a' bheinn, no a dhol nas fhaisge air baile Ghoillspidh fhèin.

Tuilleadh air an sgeulachd seo