Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

10 An t-Iuchar 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

An Caibineat

Tha an Caibineat ùr air coinneachadh airson a' chiad uair aig Sràid Downing an dèidh an atharrachaidh a b' fheudar do Theresa May a dhèanamh an dèidh do Boris Johnson agus Dàibhidh Davis an dreuchdan a leigeil dhiubh. Tha iadsan le chèile mì-thoilichte mun phlana a chaidh aontachadh aig coinneimh a' Chaibineit Dihaoine airson aonta malairt leis an Aonadh Eòrpach an dèidh Bhrexit. Thuirt am Prìomhaire gum feum na Tòraidhean seasamh còmhla, no gur e Jeremy Corbyn an ath-Phrìomhaire a bhios ann.

Thailand

Tha dàibhearan ann an Thailand a' feuchainn ri cobhair a dhèanamh an-diugh air ceathrar bhalach agus coidse bhuill-choise aca a tha fhathast glacte ann an uamh a tha fo thuil. Chaidh aca air ochdnar eile a thoirt gu sàbhailteachd ron seo.

Iapan

Thuirt na h-ùghdarrasan ann an Iapan gun do chaill co-dhiù 155 am beatha sna tuiltean as miosa san dùthaich airson còrr is 30 bliadhna. Tha 67 eile fhathast a dhìth.

An Eaconomaidh

Thàinig fàs 0.2% air eaconomaidh Bhreatainn anns na trì mìosan dhan Chèitean a rèir nam figearan as ùire bho Oifis na Staitistig Nàiseanta. Sheall sin fàs cuideachd de 0.3% eadar an Giblean agus an Cèitean. Seo a' chiad uair a tha tè de na dùthchannan mòra leasaichte air figearan GDP fhoillseachadh bho mhìos gu mìos.

Lìon Lannsa

Thèid casg eadar-amail air lannsairean ann an Sasainn bho a bhith a' cleachdadh lìn chonnspaidich a th' air mìltean bhoireannach fhàgail le cràdh agus trioblaidean slàinte. Tha còrr air ceithir bliadhna ann bho dh'iarr Riaghaltas na h-Alba casg, ach a rèir an fhiosrachaidh a th' aig a' BhBC tha ceudan bhoireannach an Alba air a dhol tron phròiseas sin on uair sin.

AirBnB

Tha Ball an Eilein Sgitheanaich, Loch Abair is Bhàideanach ann am Pàrlamaid na h-Alba ag ràdh gu bheil dleastanas air AirBnB innse do luchd-turais mar a bu chòir dhaibh iad fhèin a ghiùlain air Ghàidhealtachd. Tha Ceit Fhoirbeis ag ràdh gu bheil muinntir na sgìre aicese ag innse dhi gu bheil feum gu h-àraid aig luchd-turais air comhairle mu dhràibheadh air rathaidean cumhang singilte, agus mu mar a bu chòir dhaibh dèiligeadh ri sgudal.