Sampaill mheala gan iarraidh

Beachaidean Image copyright MJ Richardson/Geograph

Tha buidheann de luchd-saidheans ag iarraidh sampaill mheala bho luchd-cumail sheileanan air feadh na h-Alba.

Nì Ionad an Eag-Eòlais agus an Uisg-Eòlais deuchainnean air a' mhil feuch dè na tha san àrainneachd a tha a' toirt buaidh air seileanan.

Tha iad airson faighinn a-mach dè na stuthan ceimigeach a tha sa mhil, dè na flùraichean air a bheil na seileanan a' tadhal airson poilean agus neactar fhaighinn, agus dè na tinneasan a tha a' toirt buaidh orra.

Gheibhear fianais ann am mil a dh'innseas a lethid don luchd-rannsachaidh, a tha cuideachd ag amas air dealbh fhaighinn air fallaineachd na h-àrainneachd dùthchail san fharsainneachd.

Stuthan Puinnseanta

Tha dragh air a bhith ann o chionn grunn bhliadhnaichean a-niste gu bheil mar a thathas ag obrachadh an fhearainn ann am Breatainn a' toirt droch bhuaidh air seileanan - creutaran a tha riatanach airson lusan bàrr a phoileanachadh.

Tha na tha de fhlùraichean a' fàs air an tuath air crìonadh gu mòr, agus tha sin a' fàgail gu bheil seileanan a tha a' tighinn beò, no a tha gan cumail le mac-an-duine air an tuath a' crochadh air bàrr leithid Lus na h-Ola airson poilean agus neactar, leis an dèan iad mil.

Tha sin gan cur san rathad air stuthan ceimigeach agus stuthan puinnseanta a thathas a' cleachdadh ann an àiteachas, agus tha beachd ann gu bheil leithid de rud a' cur ri mar a tha àireamhan sheileanan a' tuiteam gu mòr.

Ann an Alba bidh còrr air 2,000 duine a' cumail sheileanan mar chur-seachad, a thuilleadh air mu 30 tuathanas a tha a' cumail mòran bheachaidean gu coimearsalta.

"Tha mar a tha an dòigh sa bheilear a' cleachdadh fearainn san RA a' toirt buaidh air seileanan na adhbhar dragh, ach 's e seo cuideachd a tha gan dèanamh air leth feumail ann a bhith a' tomhais staid agus fallaineachd na tuaithe san fharsainneachd," thuirt an t-Oll. Richard Pywell, bho Ionad an Eag-Eòlais agus an Uisg-Eòlais.

"Tha sinne ag iarraidh obrachadh còmhla ri luchd-cumail sheileanan air feadh na h-Alba 's na RA, feuch an tuig sinn càite a bheil farsainneachd de bhàrr agus de fhlùraichean fiadhaich aig seileanan a bheir dhaibh poilean is neactar, agus càite am feum iad a bhith an eisimeil glè bheag de sheòrsaichean luis.

Stiùireadh

"Tha sinn cuideachd ag iarraidh faighinn a-mach dè na seòrsaichean stuthan-puinnseanta a tha a' toirt buaidh orra.

"Cuidichidh am fiosrachaidh seo leinn a bhith a' tuigsinn cuid de na rudan a tha a' toirt buaidh air meud agus fallaineachd sheileanan, agus na gheibhear de mhil.

"Bheir e cuideachd stiùir 's dòcha air mar a bhios sinn a' cleachdadh an fhearainn gus taic a thoirt do sheileanan meala agus creutaran poileanachaidh eile - mar eisimpleir dè na flùraichean agus bàrr a dh'fhaodadh sinn cur airson taic a thoirt dhaibh," thuirt e.

Tha am pròiseact seo a' faighinn taic bho Chomann Luchd-Cumail Sheileanan na h-Alba.

"Tha sinn an dòchas gun cuir na buill againn, agus luchd-cumail sheileanan air feadh na h-Alba, ris an sgeama seo, airson cuideachadh le bhith a' rannsachadh "staid an nàisein" a thaobh sheileanan meala agus cruthachadh meala," thuirt Ceann-Suidhe Chomann Luchd-Cumail Sheileanan na h-Alba, Alan Riach.

"Mar as motha de luchd-cumail sheileanan a ghabhas pàirt 's ann nas luachmhoire a bhios na torraidhean," thuirt e.

Gheibhear fiosrachadh mun sgeama air làrach-lìn a' phròiseict.