Buill gan sireadh 'son Ùghdarras Chala

Planaichean airson Cala Steòrnabhaigh Image copyright Ùghdarras Chala Steòrnabhaigh
Image caption Na planaichean aig an SPA 'son cala domhain.

Tha Ùghdarras Chala Steòrnabhaigh (SPA) a' sireadh bhall ùra airson a' bhùird-stiùiridh.

Tha seo a' tighinn aig àm nuair a tha leasachadh mòr san amharc aca.

Tha an t-ùghdarras airson barrachd shoithichean mòra a thàladh dhan bhaile agus airson cala domhain a chur faisg air Gàradh Àirinis.

Tha iad cuideachd airson marina iachtaichean a chur ann am Bàgh Newton.

Dh'innis cathraiche an SPA, Murchadh Moireach, gu bheil ball air a' bhuidheann fhàgail bho chionn ghoirid, agus thuirt e gun robh iad a' gabhail a' chothruim feadhainn ùr fhaighinn.

Tha iad gu sònraichte a' lorg dhaoine le sgilean nach eil aig feadhainn a tha air a' bhòrd aig an àm seo.

Dh'iarradh iad daoine le sgilean ann an obair ionmhais, choimhearsalta agus lagha, agus daoine aig a bheil eòlas air a' mhuir agus puirt.

Pròiseact

Thuirt Mgr Moireach gu bheil an SPA an-dràsta a' sireadh companaidh airson obair innleadaireachd bhun-structair a tha co-cheangailte ris a' mharina.

Bidh cùmhnant eile ann co-cheangailte ri na pontùin agus goireasan eile a bhios anns a' mharina.

Mairidh a' phròiseict greis mhath.

"Tha obair bhliadhnaichean ann airson sin fhaighinn crìochnaichte, ach tha e an urra ri mar a thèid leinn a' dol tron phròiseas agus a bharrachd air sin tha e an urra ris an airgead a thighinn còmhla, oir 's e an t-ionmhas a tha a' dol a dhèanamh a' ghnothaich aig deireadh an là," thuirt Mgr Moireach.

Cha bhi buill an ùghdarrais a' faighinn pàigheadh.

Feumaidh na tagraichean a bhith a-staigh ro 12:00f Diciadain an 18mh den Iuchar.

Tuilleadh air an sgeulachd seo