Mink
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Sgeama nam mionc air soirbheachadh

10 An t-Iuchar 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Tha àireamhan eòin-mara ag èirigh sna h-Eileanan an Iar às dèidh iomairt an aghaidh nam mionc.

Chaidh na beathaichean a thoirt a Leòdhas anns na leth-cheudan airson tuathanasan-bèin a stèidheachadh.

Ach fhuair iad ma sgaoil - agus rinn iad cron mòr air an àrainneachd ionadail.

Tha Dualchas Nàdair na h-Alba air còig millean not a chosg thairis air seachd bliadhna airson caoidhteas fhaighinn dhiubh agus, mar a tha Dòmhnall MacLaomainn ag aithris, tha iad misneachail gu bheil iad air soirbheachadh.