Obair a' tòiseachadh aig Ospadal Ghallaibh

Ospadal Ghallaibh Image copyright J Thomas/Geograph

Tòisichidh obair leasachaidh air seòmar lannsa ospadail Ghallaibh Dihaoine.

Thèid £35,000 a chosg air thoiseach air pròiseact luach £30m.

Tha na planaichean ag amas air seirbheisean slàinte is cùram sòisealta san sgìre a dhealbh às ùr.

Thèid obair eile a dhèanamh air goireasan an ospadail cuideachd.