Briseadh dùil do dh'iomairt ospadail

Ospadal an Dr. Gray. Image copyright Ann Harrison/Geograph

Tha luchd-iomairt a tha an aghaidh a bhith a' lùghdachadh sheirbheisean màthaireil aig ospadal an Dr. Gray ann an Eilginn ag ràdh gur e briseadh dùil a bh' ann dhaibh nuair a thadhail àrd-oifigear medigeach na h-Alba air an sgìre Dimàirt.

Choinnich Catherine Calderwood luchd-obrach agus ri buill den buidhinn iomairt Keep Mum.

Fo na h-atharrachaidhean a th' anns an amharc, thèid cuid de bhoireannaich leatromach a chur a dh'Inbhir Nis neo a dh'Obar Dheathain ma thathas den bheachd gu bheil iad ann an cunnart.

Thuirt an luchd-iomairt nach eil iad air freagairtean fhaighinn do na draghan aca fhathast.