Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

11 An t-Iuchar 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

Trump

Thug an Ceann-Suidhe Trump slaic chruaidh air a' Ghearmailt aig toiseach àrd-choinneimh NATO. Tha Mgr Trump air a bhith a' gearain nach eil dùthchannan Eòrpach a' cur airgid gu leòr ri NATO, agus ron choinneimh sa Bhruiseil thuirt e gu bheil a' Ghearmailt an ìre mhath fo smachd na Ruis, 's gu bheil e mì-choltach gu bheil a' Ghearmailt a' cosg billeanan a' ceannach gas agus ola às an Ruis.

Brexit

Thuirt an t-seann cheannard Tòraidheach, am Morair Hague, gum feum buill a' phàrtaidh taic a chur ri Theresa May agus am plana a chaidh aontachadh aig Chequers, no gun cuir iad Brexit ceàrr. Thuirt am Morair Hague, le feuchainn ri stad a chur air Aonta Chequers, gu bheil muinntir Bhrexit a' cur a h-uile dad air a bheil iad ag amas ann an cunnart.

Amesbury

Thuirt poilis ann an Wiltshire gu bheil iad air bruidhinn airson ùine ghoirid ri fear de na chaidh a phuinnseanachadh le Novichok. Tha Charlie Rowley fhathast gu math ìosal anns an ospadal ann an Salisbury. Chaochail a chèile, Dawn Sturgess, Là na Sàbaid.

Doire

Bha an ceathramh oidhche de dh'àimhreit ann an Doire ann an Èirinn a Tuath. Thuirt poilis gun deach sia peilearan a losgadh air oifigearan, agus ged nach deach duine dhiubh a ghoirteachadh tha Seirbheis Poilis Èireann a Tuath ag ràdh gur e oidhirp a bh' ann air oifigearan a mhurt.

In-Imreachas

Tha Comataidh Chùisean na h-Alba aig Westminster ag ràdh gu bheil an smachd a tha Breatainn a' cur air in-imreachas a' dèanamh cron air eaconomaidh agus àireamh sluaigh na h-Alba. Tha a' Chomataidh ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte ath-sgrùdadh a dhèanamh air a' phlana airson in-imreachas a ghearradh gu na deichean mhìltean.

An A9

Chaidh innse do dhràibhearan gu bheil obair mhòr a' tòiseachadh air rathad an A9 eadar Inbhir Nis is Peairt an ath-sheachdain, agus ullachadh ann airson an rathad sin a leudachadh. Tha dùil gum mair an obair eadar Dùn Chailleann agus Peairt, mu thrì mìosan, agus gum bi maill air trafaig aig amannan.