Drochaid an Inbhir Nis ga dùnadh

Drochaid Sràid a' Ghreigich Image copyright Andrew Abbot/Geograph

Thèid drochaid coise Sràid a' Ghreigich ann an Inbhir Nis a dhùnadh fad dà sheachdain airson obair-càraidh riatanaich.

Thèid obair a dhèanamh air uachdar na drochaide, agus thèid sgafall a thogail airson na h-obrach.

Tha an obair ga maoineachadh le Comhairle na Gàidhealtachd.

Bidh an drochaid dùinte bho 12na Iuchar chun an 26mh Iuchar.