Duilgheadasan fodair aig tuath

Saidhleid Image copyright Trevor Littlewood/Geograph

Tha duilgheadasan aig cuid de thuathanaich air a' Ghàidhealtachd na beathaichean aca a bhiathadh agus fodar fhàs dhaibh air sgàth cho tioram 's a tha i air a bhith.

Tha iad air rabhadh a thoirt nach eil uisge na seachdain seo faisg air gu leòr airson an cuideachadh.

Tha na seachdainnean tioram a' ciallachadh nach eil am feur air a bhith a' fàs, agus tha e air faileachdainn air cuid saidhleid a dhèanamh airson na beathaichean aca a bhithadh thairis air mìosan a' Gheamhraidh.

Tha Aonadh nan Tuathanach ann an Alba air iomairt a thòiseachadh a tha ag amas air dèanamh cinnteach gum bi connlach is biadh gu leòr air tuathanasan anns na mìosan a tha romhainn.