Baidhseagalachd-beinne sna Hearadh?

Baidhseagal-beinne Image copyright Fort William Mountain Bike World Cup
Image caption Bidh baidhseagalachd-beinne a' tàladh mòran dhaoine chun na Gàidhealtachd.

Tha Urras Cheann a Tuath na Hearadh a' beachdachadh air slighean do bhaidhseagalan-beinne a thogail anns an sgìre.

Tha iad a' faicinn chothroman airson muinntir an àite agus airson luchd-turais a thàladh.

"Tha Urras Cheann a Tuath na Hearadh air a bhith mothachail o chionn treis gu bheil iarraidh ann airson slighean far an urrainn do dhaoine a dhol air baidhseagal-beinne," thuirt Cathraiche an Urrais, Calum MacAoidh.

"Tha fhios againn gu bheil daoine òga às na Hearadh a' dol suas a Leòdhas a dhèanamh rudan den t-seòrsa seo.

Luchd-turais

"Agus smaoinich sinn an uair sin gum biodh e iomchaidh leithid de rud a bhith againn anns na Hearadh cuideachd.

"Rinn sinn rannsachadh air a' chùis agus thàinig fiosrachadh air ais gu bheil deagh ùidh ann a bhith a' cur air dòigh ionadan den t-seòrsa seo.

"Tha sin chan e a-mhàin fìor a thaobh daoine a tha a' fuireach anns an àite, ach daoine a bhios a' tighinn air chuairt dhan àite cuideachd.

"Bidh daoine mar thà a' tighinn le baidhseagalan agus bidh iad a' siubhal air an rathad mhòr, agus bidh iad cuideachd air na ceumanan a tha a' dol a-mach dhan bheinn.

"Ach chan e àiteachan a tha gu sònraichte air an cur air dòigh air an son a tha sin ann.

"Tha sinn a' smaoineachadh gum biodh e math dìreach àite no dhà a chomharrachadh a bhiodh gu sònraichte airson daoine a bhiodh airson seo a dhèanamh.

"Tha sinn a' coimhead an-dràsta air trì àiteachan sònraichte, agus bhiodh e math co-dhiù aon fhear dhiubh a bhith faisg air an Tairbeart, o chionn 's ann ann an sin a tha an sgoil, agus 's ann ann an sin a tha an àireamh as motha den òigridh, de na daoine co-dhiù, anns an àite a' fuireach.

Òigridh an Àite

"Chan eil co-dhùnaidhean ann fhathast air càite am bi na h-àiteachan a tha seo, ach tha sinn a' rannsachadh trì no ceithir diofar làraichean an-dràsta.

"Tha rannsachadh dìreach air a bhith air a dhèanamh a tha a' sealltainn gu bheil a' dol air baidhseagal-beinne a' toirt a-steach tòrr dhaoine agus airgid dhan Ghàidhealtachd.

"Mar sin tharraingeadh e daoine dhan àite.

"Ach cuideachd tha e math airson daoine a tha a' fuireach anns an àite co-dhiù.

"Agus tha òigridh bhon sgoil gu math dèidheil air a bhith a' dèanamh rudan den t-seòrsa seo.

"Tha cuideachd Ionad Sgàladail againn, far am bi daoine a' tighinn agus a' dèanamh diofar sheòrsaichean spòrs air a' bhlàr-a-muigh.

"Mar sin tha sinn a' faicinn gum biodh e na bhuannachd gu h-àraid do dhaoine òga a tha a' fuireach anns an àite mar thà. Bheireadh e dhaibh rudeigin às ùr a dhèanadh iad.

"Agus cuideachd tha sinn a' smaoineachadh gum biodh e na tharraing do dhaoine a bhiodh airson tighinn dhan àite air saor-làithean," thuirt e.