Naidheachdan 11:00m
Cha chluich seo air an uidheamachd agaibh

Naidheachdan 11:00m

12 An t-Iuchar 2018 Ùraichte aig Ùraichte aig

NATO

Aig coinneimh NATO anns a' Bhruiseil rinn an Ceann-Suidhe Trump e gu math soilleir uair eile gu bheil e ag iarraidh air buill na buidhne air fad targaid e 2% den GDP aca a chosg air dìon. Tha Mgr Trump a' fàgail na Bruiseil an-diugh agus a' dèanamh air an Rìoghachd Aonaichte. Bidh a' chuid as motha den obair oifigeil aige ann a-màireach nuair a choinnicheas e a' Bhàn-righ agus Theresa May.

Trump

Tha dùil ri iomairtean mòra an aghaidh an turais, gu sònraichte ann an Lunnainn, agus Glaschu. Mar phàirt dheth sin tha balùn den Cheann-Suidhe Trump mar naoidhean a' dèanamh air Alba aig deireadh na seachdain. Thugar cead mar thà a chur suas dhan adhair ann an Westminster, ach thathas a-nise a' sireadh cead nam Poileas agus mhinistearan a chur suas faisg air Turnberry far am bi Mgr Trump a' fuireach.

Brexit

Foillsichidh Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte pàipear geal a dh'aithghearr, le molaidhean airson a' chàirdeis eadar Breatainn agus an EU às dèidh Bhrexit. Am measg na tha sa phàipear tha riaghailtean airson malairt leis an EU agus moladh an sgìre chusbainn eadar Poblachd na h-Èireann agus Èirinn a Tuath a stèidheachadh gus nach bi crìoch chruaidh ann.

Fodar

Tha tuathanaich agus croitearan ag ràdh gum bi duilgheadasan aca le gainnead feur, fodair agus saidhleid air a' Gheamhradh seo, agus gum bi na gheibh iad gu math daor. Às dèidh grunn sheachdainnean gun mòran uisge chan eil feur gu leòr air a bhith ann, ged a bha beagan uisge ann an t-seachdain seo cha d' fhuairear na bha a dhìth.

Ryanair

Thuirt Ryanair gu bheil iad air dòighean siubhail eile a chur air dòigh airson faisg air 5,000 neach-siubhail eadar Èirinn agus an Rìoghachd Aonaichte, agus pìleatan leotha air a dhol air stailc. Dhiùlt buill Aonadh Phìleatan na h-Èireann a dhol a dh'obair an-diugh, 's iad mì-thoilichte leis an dòigh a làimhsich a' chompanaidh còmhraidhean mu phàigheadh agus cùmhnantan.

Airgead Fuadain

Tha poilis ann an Inbhir Nis a' cur ìmpidh air gnothachasan a bhith air am faiceall nuair a tha iad a' làimhseachadh airgid bhon phoball, agus airgead fuadain air a bhith air a lorg anns a' bhaile. Fhuair na Poilis na notaichean air an dealbhachadh ann an dòigh 's gu bheil iad a' coimhead coltach ri £50 bho Bhanca Shasainn, air am falach ann an taigh-òsta ann an Inbhir Nis. Bhiodh luach còig figear air a bhith sna notaichean nam b' e 's gun deach an cleachdadh gu soirbheachail.