Gearain gu bheil cus airgid ga chosg air Port-adhair Inbhir Nis

Port-adhair Inbhir Nis Image copyright HIAL
Image caption Tha ceistean air èirigh mu na tha ga chosg air Port-Adhair Inbhir Nis.

Tha comhairlichean sna h-Eileanan a' gearain gu bheil cus airgid ga chosg air Port-adhair Inbhir Nis agus nach eil e a rèir mar a tha àireamhan luchd-siubhail an sin air èirigh.

Tha seo a' tighinn às dèidh do Chompanaidh Phort-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIAL) fiosrachadh ùr fhoillseachadh a' sealltainn far a bheil iad a' cosg an cuid airgid.

Sheall am fiosrachadh gur ann air Steòrnabhagh, Inbhir Nis agus Inbhir Ùige a bu mhotha a chosg iad bho chionn ghoirid.

Thairis air an dà bhliadhna mu dheireadh, tha na trì puirt-adhair sin air buannachdan luach còrr air £10m fhaotainn - suim tòrr nas motha na chaidh a chosg air na h-ochd làraichean eile aig HIAL.

Chaidh faisg air £3m a chosg sa bhliadhna ionmhais a chaidh seachad air leasachaidhean aig Port-Adhair Steòrnabhaigh, a thuilleadh air còrr air £3m eile a chosg ann an Inbhir Nis.

Chan eil comhairlichean eileanach toilichte leis na chuinnaic iad ge-tà.

Tha Cathraiche Comataidh Còmhdhail Chomhairle nan Eilean Siar, Uisdean Robasdan, den bheachd gu bheilear a' cosg cus airgid air Port-Adhair Inbhir Nis agus nach eil e a rèir mar a tha àireamhan luchd-siubhail an sin air èirigh.

''Tha mi a' smaoineachadh an rud a tha car annasach mu dheidhinn, 's e Inbhir Nis gu h-àraidh, mar a tha sinn air fhaicinn anns na còig bliadhna a chaidh seachad, gu bheil na tha de luchd-siubhail a' dol tron phort-adhair air dùblachadh, agus mar sin shaoileadh tu nach biodh an subsadaidh cho mòr.

''Tha an subsadaidh air a dhol suas agus tha sin air beagan de dh'iongnadh a chur oirnn,'' thuirt e.

Tha am fiosrachadh a dh'fhoillsich Companaidh Phort-Adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean cuideachd a' sealltainn gun deach còrr air £6m a chosg ann an Inbhir Ùige bho chionn dà bhliadhna.