Airgead fuadan ann an Inbhir Nis

Drabhair Airgid Image copyright Getty Images

Tha poilis ann an Inbhir Nis a' cur ìmpidh air gnothachasan a bhith air am faiceall nuair a tha iad a' làimhseachadh airgid bhon phoball agus airgead fuadan air a lorg sa bhaile.

Fhuair na Poilis na notaichean - air an dealbhachadh ann an dòigh 's gum bi iad a' coimhead coltach ri £50 bho Bhanca Shasainn - air am falach ann an taigh-òsta ann an Inbhir Nis.

Bhiodh luach còig figear air a bhith sna notaichean, nam b' e 's gun deach an cleachdadh gu soirbheachail.

Tha rannsachadh a' dol fhathast, feuch cò às a thàinig an t-airgead bho thùs.

Chan eil fianais ann aig an ìre seo gun deach airgead fuadan a chosg anns a' bhaile neo gu bheileas ga chuairteachadh, ach thuirt na Poilis gum faodadh e a bhith.

Chaidh iarraidh air bùithdean is àiteachan eile tha a' gabhail airgid a bhith air am faiceall - gu h-àraid le billeagan le luach mòr.