Cathraiche ùr Stòras Uibhist

Oifis Stòras Uibhist
Image caption Bha Màiri Schmoller air a taghadh leis an t-seachdnar stiùirichean eile air Sealladh na Beinne Mòire, a' chompanaidh a tha os cionn Stòras Uibhist.

Chaidh cathraiche ùr a thaghadh do Stòras Uibhist, an t-uachdaran coimhearsnachd.

Bha Màiri Schmoller air a taghadh leis an t-seachdnar stiùirichean eile air Sealladh na Beinne Mòire, a' chompanaidh a tha os cionn Stòras Uibhist.

Bha coinneamh bhliadhnail na buidhne ann an Staoinebrig oidhche Ardaoin, às dèidh ùine far an robh mì-thoileachas air nochdadh mun dòigh san robh Stòras Uibhist ga ruith.

Thuirt Mairi Schmoller gun robh i an dòchas gum b' urrainn do chùisean a bhith nas sìtheile bho seo a-mach, agus ise "eòlach air a' choimhearsnachd, fosgailte, agus toilichte a bhith a' bruidhinn ri muinntir an àite agus a co-obraichean air a' bhòrd".

Mearachdan

Ach thuirt i gu bheil e cudromach gun tèid fios a chumail ris a' choimhearsnachd mu obair na buidhne:

"Cleas a h-uile buidheann - bidh mearachdan air a dhèanamh", thuirt an cathriache ùr.

"Dè bh' annta, chan eil fhios 'am ceart. Ach cha robh sinn uabhasach math a' bruidhinn ris na daoine idir, sin an rud as motha.

"Bha sinn ag obair gu trang agus cha robh duine a' bruidhinn ris a' choimhearsnachd, agus feumaidh sinn bruidhinn ris a' choimhearsnachd."

Ionmhas

Chaidh ceistean a thogail aig a' choinneimh bhliadhnail cuideachd mu shuidheachadh ionmhais na buidhne.

Thuirt fear de na stiùirichean ùra, Tormod MacAsgaill gum feum iad coimhead gu mionaideach cò às a bha na cosgaisean uile aca ag èirigh.

"Mar a tha companaidh sam bith, chan urrainn dhut cumail a' dol air aghaidh agus a' seasamh nan cosgaidean a tha siud," thuirt e.

Thuirt Mgr MacAsgail cuideachd gum bu mhath leis-san gun tigeadh na planaichean aca 'son Loch Baghasdail a leasachadh air adhart.