Gainnead uisge a dh'aindeoin frasan an Uibhist a Deas

Uisge an tapa

Ged a tha grunn sheachdainean de dheagh thuradh air a bhith ann, a rèir fhiosrachaidh bho Oifis na Sìde, thàinig barrachd uisge às na speuran air sgìre Uibhist a Deas eadar an Giblean agus an t-Ògmhios am-bliadhna seach anns an dà bhliadhna roimhe seo.

A dh'aindeoin sin, tha ìre an locha a tha a' cumail uisge a' ruith tro na pìoban gu gach tapa nas ìsle na bhiodh dùil aig Uisge na h-Alba.

Ach tha a' chompanaidh deiseil airson dèiligeadh leis ma leanas an t-sìde thioram.

Eadar 1mh den Giblean agus 30mh den Ògmhios, thuit 172mm de dh'uisge air Uibhist a Deas.

Thairis air an aon àm an-uiridh thuit 144.7mm.

Bha 2016 nas fhaisge air ìre na bliadhna seo, le 164.7mm.

Ann an 2015 ge-tà, chaidh 297mm a chlàradh.

Loch Iarrais

Tha dùil gur e mar a bha uimhir de làithean na mìos tioram, 's gun ach glè bheag de làithean air an robh i a' sileadh, as coireach gu bheil an t-eilean a-nis cho tioram.

Chan eil mòran diofair anns na bh' ann de làithean tioram thairis air na bliadhnaichean - 54 am-bliadhna; 50 an-uiridh, agus 53 a' bhòn-uiridh.

Ach bha eadar-dhealachadh mòr san Ògmhios am-bliadhna.

Bha 25 làithean den 30 là a bha sa mhìos tioram am-bliadhna - eadar 9 agus 11 là a bharrachd na bh' anns an Ògmhios air an dà bhliadhna ron seo.

Tha Uisge na h-Alba air a ràdh gu bheil Loch Iarrais, a tha a' cumail uisge ris an eilean, nas ìsle na biodh iad an dùil, 's nach e a-mhàin an turadh leantainneach as coireach.

Tha iad cuideachd ag ràdh, gur e mar a thathas a' cleachdadh uisge san là an-diugh a tha a' toirt buaidh.

Tha an sgìre gu math trang mun àm seo den bhliadhna le luchd-turais, agus tha sliochd an àite fhèin air tilleadh air làithean-saora.

Tha dachaighean, taighean-òsta agus àiteachan bìdhe a' dol tro mòran a bharrachd uisge na b' àbhaist dhaibh, le daoine tric a' gabhail fras, 's a' nighe aodaich is soithichean.

Tha Uisge na h-Alba ag ràdh gu bheil iad ag obair gus dèanamh cinnteach gum bi gu leòr uisge ann do mhuinntir an eilein, ach tha iad cuideachd ag iarraidh air daoine a bhith faiceallach le mar a tha iad a' cleachdadh uisge.