Cataibh air thoiseach 'son port-fànais fhaighinn

A'Mhoine Image copyright Ian Shiell/Geograph
Image caption Tha na planaichean ag amas air a' Mhòine faisg air Tunga a leasachadh.

Tha coltas gur ann an ceann a tuath na Gàidhealtachd a thèid a' chiad phort fànais a stèidheachadh anns an Rìoghachd Aonaichte.

Thug Buidhean Fànais na Rìoghachd Aonaichte £2.5m do dh' Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean airson an leithid a stèidheachadh faisg air Tunga.

Tha HIE air a ràdh cheanna gun cosgadh am pròiseact mu £17m.

Bha trì àiteachan gam moladh gus port fanais a steidheachadh sa Rioghachd Aonaichte - Uibhist a Tuath, Sealtainn agus Cataibh nam measg.

Deagh naidheachd

Ach dh'innis Buidhean Fànais na Rioghachd Aonaichte gur e sgìre na Moine ann an Duthaich MhicAoidh an t-àite as fhearr airson a leithid a stèidheachadh.

Bheir iad £2.5m do dh'Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean gus am pròiseact a thoirt gu buill

Ach tha HIE air a ràdh ron a seo gun cosg am proiseact mu £17m.

Ann am brath naidheachd, thuirt Àrd-oifigear na buidhne, Charlotte Wright, gur e fìor dheagh naidheachd a tha seo dhan sgìre.

Buannachd

Dh'innis i cuideachd nach ann a-mhàin dhan a' cheann a tuath a bhiodh buannachd ann ach dhan Ghàidhealtachd air fad.

Ach thuirt Ball Pàrlamaid Albanach nan Eilean Siar gur e bristeadh dùil mòr a th' ann nach tèid am port-fànais a stèidheachadh ann an Uibhist.

Thuirt Alasdair Allan gu bheil feum mòr air cosnaidhean ann an Uibhist.

"Tha mi ag ràdh mealaibh ur naidheachd gu Cataibh, ach gun teagamh sam bith 's e briseadh dùil a th' ann nach eil an goireas seo a' tighinn a dh'Uibhist.

"Tha mi an dòchas gum bi cothrom eile den t-seòrsa seo ann anns an àm ri teachd ge-tà".

Tha dùil gum faodadh an gnìomhachas fànais seo a bhith luach mu £3.8bn do dh'eaconamaidh na Rìoghachd Aonaichte thairis air an deich bliadhna a tha romhainn.