Taisbeanadh ùr mu chall na h-Iolaire

Clach-chuimhne

Thèid taisbeanadh ùr fhosgladh ann an Taigh Tasgaidh nan Eilean an ath-mhios airson call na h-Iolaire a chomharrachadh.

Bidh cruinneachaidhean bho ghrunn chomainn eachdraidh mar phairt dhen taisbeanadh, 's 100 bliadhna bho thachair an tubaist.

Tha dùil gum bi an taisnbeanadh a' ruith làn-thìde agus thathar an dòchas gun tèid a sgaoileadh gu àiteachan air tìr-mòr as t-samhradh sa tighinn cuideachd.

Thuirt Fear-gairm Comhairle nan Eilean Siar, Tormod Dòmhnallach gu bheil na h-ealain anns na h-eileanan gu bhith mar phàirt mhòr den obair.

Sgoiltean

"Tha sinn a' dol a dh'fhaicinn pàirt den a sin nuair a thig crìoch a chur air an obair a tha a' dol air adhart air làraich ann an seo.

"Tha na h-ealain cuideachd gu bhith an sàs ann a-thaobh na h-obrach a tha a' chlann a' dèanamh anns na sgoiltean tro na h-eileanan air fad a bhios mar phàirt den chuirm a bhios againn aig deireadh na Dùbhlachd.", thuirt e.

Agus tha obair leasachaidh ga dèanamh air an rathad chun na làraich far a bheil an carragh-chuimhne stèidhichte.

Bidh ceum-coiseachd ann a bhios freagarrach do dhaoine a tha ciorramach

Tuilleadh air an sgeulachd seo