Làraidh bathair air a sgrios air an A9

Làraidh na theine
Image caption Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm mu uair feasgar chun teine air an rathad gu tuath aig Deimhidh, deas air Inbhir Nis.

Chaidh làraidh bathair a sgrios le teine air an A9, faisg air Inbhir Nis Didòmhnaich.

Chaidh luchd-smàlaidh a ghairm mu uair feasgar chun teine air an rathad gu tuath aig Deimhidh, deas air Inbhir Nis.

Bha an làraidh aig oir an rathaid air an t-slighe a tha a' dol gu tuath.

Cha deach duine a ghoirteachadh.